St Columba (Gaelic)

About St Columba (Gaelic)

300 St Vincent Street

, G2 5RU
Website Facebook

St. Columba, the Gaelic Church of Glasgow, has served the Highland community in Glasgow  since 1770.

The congregation normally has a joint service in English and Gaelic every Sunday, with occasional services entirely in Gaelic as advertised on our website.  Recently the lack of suitably qualified Gaelic speakers is preventing regular Gaelic services, however a new venture with the Gaelic congregation in Edinburgh is now enabling us to webcast weekly Gaelic worship on our YouTube Channel, Eaglais Air-loidhne / Gaelic Church Online.

At present the congregation does not have its own minister, however there is an enthusiastic and committed group of members who are delighted to welcome newcomers and visitors.  If you have a connection to the Highlands and Islands of Scotland, have a passion for the Gaelic heritage of Scotland, or you are visiting Glasgow and exploring your Scottish spiritual roots, you will find it easy to connect with the church family.  St Columba is an open and affirming congregation.


St Columba has members and adherents from all age groups, with a lively Sunday School where speaking and learning in Gaelic is encouraged.

Much more detail can be found on the website, which is kept regularly up to date.
 

 

Tha Eaglais Ghàidhlig Chaluim Chille air a bhith a’ frithealadh do na Gàidheil ann an Glaschu o 1770.

Gu h-àbhaisteach bidh seirbheis dhà-chànanach ann gach Latha na Sàbaid, le seirbheisean Gàidhlig nuair a gabh iad an cumail, le sanasachd air an làrach-lìn againn.  Tha e air a bhith gu math doirbh seirbheisean Gàidhlig a chumail gu cunbhalach o cionn goirid air sgàth gainnead shearmonaichean, ach tha sinn air iomart ùr a chuir air dòigh le coitheanal Gàidhlig Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann, gus seirbheis Ghàidhlig a chraoladh gach Latha na Sàbaid air sianal YouTube, Eaglais Air-loidhne/ Gaelic Church Online.

Chan eil ministear aig a’ choithenal an-dràsta, ach tha buill na h-eaglaise dealasach agus dìcheallach, agus bidh iad a’ cur fàilte air daoine ùra agus luchd-tadhail.  Ma tha dualchas Gàidhealach agaibh fhèin, ma tha ùidh agaibh ann an dualchas nan Gàidheal, no ma bhios sibh a’ tadhal air Glaschu agus a’ feuchainn ri freumhan fhaighinn ann an dualchas spioradal nan Gàidheal, bidh coimhearsnachd gur feitheamh an-seo.  Bidh Eaglais Ghàidhlig Chaluim Chille a’ cur fàilte air neach sam bith a shireas eòlas nas dlùithe air an Tighearna, ge be am fèin-aithne, an eachdraidh no na teagamhan a tha aca.


Tha buill agus luch-leanmhainn de gach aois aig Eaglais Chaluim Chille, le Sgoil Shàbaid bheòthail far a bheil a’ Ghàidhlig air a brosnachadh.

Tha barrachd fiosrachaidh ri lorg air an làrach-lìn againn, far a bheil brathan agus naidheachdan air an cur gu cunbhalach.
 

Minister
Vacant
Charity No.
SC006342
CofS No.
161000
Worship Times
Sunday Morning – 11.30 am